Iapanais - Uicipeid Jump to content Am prìomh-chlàr-taice Am prìomh-chlàr-taice move to sidebar falaich Seòladh Prìomh dhuilleag Doras na coimhearsnachd Mùthaidhean ùra Duilleag air thuaiream Cobhair Duilleagan sònraichte Lorg Lorg Coltas Tabhartasan Cruthaich cunntas Log a-steach Innealan pearsanta Tabhartasan Cruthaich cunntas Log a-steach Contents move to sidebar falaich Beginning 1 Tùs agus Seòrsachadh 2 Buadhan 3 Keigo Toggle Keigo subsection 3.1 Dòighean eadar-dhealaichte air na h-aon rudan a ràdh 4 Ceanglaichean a-mach 5 Iomraidhean Toggle the table of contents Iapanais 237 cànan Аԥсшәа Acèh Адыгабзэ Afrikaans Alemannisch አማርኛ Pangcah Aragonés Ænglisc अंगिका العربية ܐܪܡܝܐ الدارجة مصرى অসমীয়া Asturianu अवधी Azərbaycanca تۆرکجه Башҡортса Basa Bali Boarisch Žemaitėška Bikol Central Беларуская (тарашкевіца) Беларуская Betawi Български भोजपुरी Banjar বাংলা བོད་ཡིག Brezhoneg Bosanski Batak Mandailing Буряад Català 閩東語 / Mìng-dĕ̤ng-ngṳ̄ Нохчийн Cebuano Tsetsêhestâhese کوردی Qırımtatarca Čeština Kaszëbsczi Словѣньскъ / ⰔⰎⰑⰂⰡⰐⰠⰔⰍⰟ Чӑвашла Cymraeg Dansk Deutsch Zazaki Dolnoserbski Kadazandusun ދިވެހިބަސް Ελληνικά English Esperanto Español Eesti Euskara Estremeñu فارسی Suomi Võro Føroyskt Français Arpetan Nordfriisk Frysk Gaeilge Gagauz 贛語 Kriyòl gwiyannen Galego Avañe'ẽ Gaelg Hausa 客家語 / Hak-kâ-ngî Hawaiʻi עברית हिन्दी Fiji Hindi Hrvatski Hornjoserbsce Kreyòl ayisyen Magyar Հայերեն Արեւմտահայերէն Interlingua Jaku Iban Bahasa Indonesia Ilokano ГӀалгӀай Ido Íslenska Italiano 日本語 Patois La .lojban. Jawa ქართული Qaraqalpaqsha Taqbaylit Адыгэбзэ Kabɩyɛ Tyap Kumoring Қазақша ភាសាខ្មែរ ಕನ್ನಡ Yerwa Kanuri 한국어 Къарачай-малкъар کٲشُر Kurdî Коми Kernowek Кыргызча Latina Ladino Lëtzebuergesch Лакку Лезги Lingua Franca Nova Limburgs Ladin Lombard Lingála ລາວ Lietuvių Latviešu Madhurâ मैथिली Basa Banyumasan Мокшень Malagasy Олык марий Māori Minangkabau Македонски മലയാളം Монгол ꯃꯤꯇꯩ ꯂꯣꯟ मराठी Bahasa Melayu Mirandés မြန်မာဘာသာ Эрзянь مازِرونی Nedersaksies Plattdüütsch नेपाली नेपाल भाषा Nederlands Norsk nynorsk Norsk bokmål Novial Sesotho sa Leboa Occitan Livvinkarjala ଓଡ଼ିଆ Ирон ਪੰਜਾਬੀ Kapampangan Papiamentu Picard Polski Piemontèis پنجابی پښتو Português Runa Simi Română Tarandíne Русский Русиньскый Ikinyarwanda संस्कृतम् Саха тыла ᱥᱟᱱᱛᱟᱲᱤ Sardu Sicilianu Scots سنڌي Davvisámegiella Srpskohrvatski / српскохрватски Taclḥit සිංහල Simple English Slovenčina Slovenščina Gagana Samoa ChiShona Shqip Српски / srpski Sunda Svenska Kiswahili Ślůnski தமிழ் ತುಳು తెలుగు Тоҷикӣ ไทย Türkmençe Tagalog Tolışi Toki pona Tok Pisin Türkçe Seediq Татарча / tatarça Reo tahiti Тыва дыл Удмурт ئۇيغۇرچە / Uyghurche Українська اردو Oʻzbekcha / ўзбекча Vèneto Vepsän kel’ Tiếng Việt Volapük Walon Winaray 吴语 Хальмг მარგალური ייִדיש Yorùbá Vahcuengh ⵜⴰⵎⴰⵣⵉⵖⵜ ⵜⴰⵏⴰⵡⴰⵢⵜ 文言 閩南語 / Bân-lâm-gí 粵語 中文 IsiZulu Deasaich na ceanglaichean Duilleag Deasbaireachd Gàidhlig Leugh Deasaich Deasaich an tùs Seall an eachdraidh Innealan Innealan move to sidebar falaich Actions Leugh Deasaich Deasaich an tùs Seall an eachdraidh Coitcheann Na tha a' ceangal a-nall an-seo Mùthaidhean buntainneach Luchdaich suas faidhle Ceangal buan Fiosrachadh mun duilleag Thoir iomradh air an duilleag seo Get shortened URL Switch to legacy parser Clò-bhuail/às-phortaich Cruthaich leabhar Luchdaich a-nuas mar PDF Tionndadh a ghabhas a chlò-bhualadh Ann am pròiseactan eile Abstract Wikipedia Wikimedia Commons Wikifunctions Nì Wikidata Coltas move to sidebar falaich O Uicipeid Iapanais Fuaimneachadh [ɲihoŋɡo] Ga bruidhinn ann an Mòrchuid: Iapan Coimhearsnachd bheag: Braisil (~1.5 millean), Na Stàitean Aonaichte (~1.2 millean, gu h-àraid Hawaii), Peru (~88,000), Astràilia (53,000~, gu h-àraid Sydney), Tai-Bhàn (16,000~20,000), Na h-Eileanan Filipineach (13,000), Guam (2,000) [1] Luchd-labhairt iomlan 130 millean [2] Reangach 9 Teaghlach-chànan Iapanach Cànanan Iapanach Iapanais Siostam-litreachaidh Lideirean agus Logagrafan Iapanach Inbhe Oifigeil Cànan oifigeil ann an Iapan Air a riaghladh le Gin (ach, tha Riaghaltas Iapan an sàs ann gu mòr) Còdan Cànan ISO 639-1ja ISO 639-2jpn SILjpn Tha tuilleadh air 130 millean daoine aig a bheil Iapanais, a tha a' fuireach ann an Iapan agus ann an coimhearsnachdan eilthirich Iapanach air feadh an t-saoghail. 'S e Nihongo (日本語) a theirear ri Iapanais anns a' chànan fhèin. Tha e a' ciallachadh cànan na h-Iapain. 'S e Grian a' bhrìgh a th' air an kanji 日 agus an seo, Freumh air 本. Tha am briathar Sìonach-Iapanach seo, 日本 (Nihon no Nippon), a' toirt dealbh air an Iapan bho shealladh Sìona, a thaobh suidheachaidh cruinn-eòlasach an dà dhùthaich. 'S i an Iapan far a dh' èireas a' ghrian agus Sìona far an tèid i foidhpe. Tha an abairt Tìr Èirigh na Grèine a' tighinn às an sin. Tùs agus Seòrsachadh[deasaich | deasaich an tùs] 'S e cànan in-sònraichte (isolated language) a th' ann an Iapanais. 'S e an cànan as dlùithe ris, Coirianais (a thaobh morf-eòlas, co-chàradh gu h-àraid), ach nam biodh Ryūkyūanais (teanga Okinawa) ga mheas mar chànan na chòir fhèin, 's esan an cànan a bu dhlùithe mar phàirt dhen aon teaghlach cànain.[3] Gidheadh, 's iomadh teoric a tha ann a tha a' sireadh air mìnicheadh a thoirt air tùs a' chànain seo, ach chan eil fiù 's aon dhiubh sin nach eil air a connsachadh. Tha cuid de sgoilearan air Iapanais a cheangladh ri Coirianais, Mongolais agus na cànanan Altaic eile, a' toirt iomradh air coimeas gràmadach eatorra. Tha sgoilearan eile a' sìreadh tùs a' chànain ann an sòisealtasan coltach ri Iapan a thaobh cultar agus eag-eòlas eadar ceann a deas Sìona agus an Himalaya. An dèidh sin, tha feadhainn eile a' cumail a-mach gur ionnan tùs a' chànain agus na cànanan Draibhideach agus cànanan nan ioma-eileanach.(Polynesia) 'S ann tric a bhithear a' moladh gur e crìtheol a th' anns a' chànan seo, a' gabhail a-steach tuilleadh air aon de na teangannan sin. Buadhan[deasaich | deasaich an tùs] 'S e cànan co-glaodhach (agglutinating language) a th' ann an Iapanais. 'S e sin gu bheil i a' leigeil rithe structar gràmadach le bhith a' ceangladh comharran (は、が、に/wa, ga, ni) ri stuic fhacail.[4] Ged a tha riochdairean ann mar: 私 watashi (mi), あなた anata (thu), 彼 kare (e), 彼女 kanojo (i) is mar sin air adhart, chan eileas gan cleachdadh cho tric ann an còmhradh, seach ann an sgrìobhadh. Tha sin a' dèanamh gu bheil Iapanais caran neo-dhìreach mar chainnt; rud a tha a' freagairt an t-sluaigh Iapanach gu math, oir tha iadsan gam meas neo-dhìreach gu leòr nan dòighean. Mar eisimpleir, chanar 私はスコットランド人です。watashi ha sukottorandojin desu. (Mise – Albannach – tha) (Tha mi nam Albannach), ach ann an còmhradh far a bheil e soilleir cò tha a' bruidhinn agus cò mu dheidhinn, dh' fhàgar watashi (còmhla ris a' chomharra は wa), a-mach agus theirear スコットランド人です。sukottorandojin desu; (Albannach-tha). Cha leigeas a leas an riochdair watashi (mi) a ràdh idir airson 's gun tuig daoine. Mar sin dheth, tha Iapanais gu math feumail airson bruidhinn air daoine, no air dìomhaireas nach eileas ag iarraidh fhoillseachadh. Fiù 's nan cluinneadh cuideigin an còmhradh, dh' fhaoidte nach ann a bhiodh fios aca cò no dè air a bhiodh an luchd-labhairt a-mach, air sgàth chion riochdairean. 'S e cnag na cùise a th' ann nach eil an t-subseig ga cleachdadh a h-uile uair ann an còmhradh. Riochdan Modhail 'S iomadh chaochladh a tha air Iapanais a-rèir dreuchd, inbhe is àite san t-sòisealtas, gnè agus aithneachadh sgìreil an neach-labhairt. Tha siostam gràmadach farsainn aig Iapanais gus cainnt a chur air foirmeileachd agus modhaileachd; rud aig nach eil a' chuid as motha de chànanan Siarach. Keigo[deasaich | deasaich an tùs] 'S e Keigo (敬語) a chanas ri modhaileachd ann an Iapanais, agus thathas ga cleachdadh a-rèir inbhe a' chàirdeas a tha ann eadar daoine. Chan eil càirdeas co-ionnan sa chumantas ann an sòisealtas Iapanach. 'S tric a bhios suidheachadh nas àirde aig neach, agus gabhaidh sin a dhearbhadh a-rèir iomadach fhactair leithid dreuchd, aois, eòlas no fiù 's an suidheachadh anns a bheil neach aig an àm – mar eisimpleir, cuideigin ag iarraidh fàbhair air cuideigin eile. Thathas a' cleachdadh Keigo ann an gnothach sam bith far a bheil neach-obrach a' bruidhinn ri neach-ceannaich; m.e. ann an taigh-bìdh, no bùth sam bith eile. Faodaidh an neach-ceannaich cainnt dhìreach mhì-fhoirmeil a chleachdadh (gu ìre), ach chan fhaod an neach-obrach idir, mura h-e neach a tha tòrr nas aosta na an neach-ceannaich a th' ann. Dòighean eadar-dhealaichte air na h-aon rudan a ràdh[deasaich | deasaich an tùs] Tha fiù 's gnìomhar beag sìmplidh air a chur an cèill ann an diofar dhòigh a-rèir cò tha a' dol càite. Ma tha thu fhèin a' dol a thadhail air neach aig a bheil inbhe nas àirde, 's iad mairu agus ukagau na gnìomhairean a thathas a' cleachdadh (oir, tha sin a' sealltainn an inbhe nas ìsle a th' agad fhèin; dh' fhaodadh cainnt ùmhail seach cainnt urramach a chur orra). Ma 's e neach 's inbhe nas àirde aige a bhios a' falbh a dh'àiteigin, 's iad irassharu agus oideninaru na gnìomhairean urramach. Tha diofar ìrean fhoirmealachd ann cuideachd. Ma 's e 's gu bheileas a' bruidhinn ri caraidean dlùith, 's e iku am facal mì-fhoirmeil, leis na comharran fireann no boireann, yo no wa, air an cur ris a cheann. 'S e ikimasu no ikundesu a bhiodh ann ge-tà, ann an suidheachadh nas fhoirmeile, fiù 's eadar daoine is inbhe co-ionann aca. 'S iad suidheachaidhean "desu/masu" a theireas ri seo; far an gabh gnìomhairean suidheachaidhean foirmeil na deiridhean modhail -desu no -masu. Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs] Leasan tòiseachaidh Iapanaise tro mheadhan na Gàidhlig Sgeulachd cloinne Iapanach: Comain na corra-ghrithich air eadar-theangachadh bhon Iapanais le Steaphan MacRisnidh aig Dàna (Gàidhlig) Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs] ↑ Staitistig Riaghaltas Iapan ↑ Cànanan an t-Saoghail ↑ Japan As It Is/日本タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken ISBN 4-05-401425-9 ↑ Japan As It Is/日本タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken ISBN 4-05-401425-9 Commons Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: Iapanais Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Iapanais&oldid=579087" Roinnean-seòrsa: Pages using ISBN magic links Cànain Iapanach Iapan Chaidh an duilleag seo a dheasachadh 24 dhen Mhàrt 2025 aig 22:18 turas mu dheireadh. Page was rendered with Parsoid. Tha an teacsa seo ri làimh fo cheadachas Creative Commons Attribution-ShareAlike License; faodaidh gu bheil e buailteach do theirmichean a bharrachd. Faic teirmichean a’ chleachdaidh airson mion-fhiosrachadh. Am polasaidh prìobhaideachd Mu dhèidhinn Uicipeid Aithrisean-àichidh Code of Conduct Luchd-leasachaidh Stadastaireachd Aithris-rùin nam briosgaidean Sealladh inneil-làimhe Lorg Lorg Toggle the table of contents Iapanais 237 cànan Cuir ris cuspair